Thig Gàidheil Dhùn Èideann cruinn còmhla a-nochd aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, far na Mìle Rìoghail air cùl na Pàrlamaid aig Holyrood, gus luaidh a dhèanamh air Donnchadh Bàn agus an dàimh aige leis a’ bhaile mhòr gu sònraichte.
bbc.in/43slCdz
Ghabh Donnchadh Bàn àite ann am Cùirt nam Bàrd, far a bheil leacan a’ cuimhneachadh shàr bhàird na h-Alba, Màiri Mhòr nan Òran, Dèorsa Mac Iain Dheòrsa agus Lachlann Mòr MacMhuirich nam measg.
Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad fhathast a’ coimhead airson dòighean gus Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a chumail a' dol is dearbhadh ann gu bheil an suidheachadh a' toirt buaidh air 27 buidhnean uile gu lèir.
bbc.in/3TsyflQ
Scot Gov response to our @bbcnaidheachdan story on cuts at @bordnagaidhlig “Over the past three financial years, the Scottish Government was able to identify additional short-term funding for Bòrd na Gàidhlig to allow it to expand the development officer network…
…The Scottish Government recognises the significant part Gaelic plays in Scotland’s culture and we want to support the language to thrive and grow which is why we are bringing forward the Scottish Languages Bill to provide further protection for Scotland’s indigenous languages.”
Thèid cur às de sgeama nan Oifigearan Gàidhlig mar thoradh air gearradh far bhuidseat Bhòrd na Gàidhlig. Caillidh iad iad còrr 's £350,000 ann am maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba. Seo Niall O'Gallagher.
bbc.in/48ABGee
Thèid cosnaidhean a chall aig @bordnagaidhlig ri linn gearraidh de £354k far buidseat na buidhne. Caillidh triùir obair agus thèid cur às don Sgeama Oifigearan Gàidhlig. Their am Bòrd fhèin gu bheil iad 'gu math diombach' a bhith 'san t-suidheachadh seo': bbc.co.uk/naidheachdan/sgeul…
Caillidh triùir na cosnaidhean aca aig Bòrd na Gàidhlig ri linn gearraidh de £354,000 far bhuidseit na buidhne. Tuilleadh o @BBCNiallOG air #AnaM@BBCRnG aig 0730. #Gaidhligbbc.in/49Ozgdb
Bheir Bile ùr nan Cànanan Albannach cothrom do chomhairle sgìrean Gàidhlig sònraichte a stèidheachadh, no Areas of Linguistic Significance. Cha bhi còir air foghlam #Gàidhlig ge-tà: bbc.co.uk/naidheachdan/sgeul…
Cultarlann is coimhearsnachd - às dèidh do na planaichean 'son Cultarlann a stéidheachadh ann an Inbhir Nis ceum mòr a ghabhail, chuala sinn beachd à Èirinn mu ciamar a tha na h-ionadan sin ag obrachadh dhaibhsan. #Gàidhlig#Gaelicbbc.in/460u9V1