Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar nàiseanta bho @bbcnaidheachdan. Local, national & international sports news from BBC Gaelic. Retweets are not endorsements.
Tha gàirdeachas ga dhèanamh le luchd-taic sgioba na h-Alba, às dèidh mar a bhuannaich iad a’ chiad gheama aca aig Cupa na Cruinne 2026, agus iad a' cluiche Haiti ann an uairean beaga na maidne ann am Boston.
bbc.in/44d8ieg
Tha a' chiad gheam aig Alba aig Cupa na Cruinne ann an 28 bliadhna cha mhòr oirnn.
Haiti v Alba beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 0100.
bbc.in/4aLksPe
Cuairt dheireannach Cupa MhicThàmhais eada Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich beò bho 1530 air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC Sounds.
bbc.in/4eGWtmI
Chan eil fada ri feitheamh a-nise gus an tìll fireannaich na h-Alba gu Cupa na Cruinne airson a' chiad turas ann an 28 bliadhna.
Abair gu bheil an luchd-taic a' coimhead air adhart ris!
Aon turas eile mus tòisich e! Cuimhnichibh gum bi gach breab air BBC Radio nan Gàidheal, a' tòiseachadh le Siubhal Gu Boston le Pluto aig 11.30 a-nochd 's prògram sònraichte à Boston an uairsin 'son a' gheama fhèin bho 01.00m.
#Gàidhlig#Gaelic#Alba#CupaNaCruinne#WorldCup
Thèid an dà sgioba as làidire san iomain an aghaidh a chèile airson a' chiad dhuais den t-seusan Disathairne is Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gus farpais airson Chupa MhicThàmhais. #shinty#Gàidhlig#camanachdbbc.in/4uxBYxB
'S e Sgoil MhicNeacail a bhuannaich farpais ball-coise Cuach nan Àrd-sgoiltean na bliadhna-sa - 's e seo an dàrna bliadhna an sreath a chèile a tha Sgoil MhicNeacail air an fharpais a ghlèidheadh.
bbc.in/3S246LJ
Às dèidh 28 bliadhna (gu math fada!) tillidh Alba gu Cupa na Cruinne air an deireadh-sheachdain. Ach saoil ciamar a thèid leotha? Ceist a chuir sinn air Ailig O'Henley...
Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris às na Stàitean Aonaichte is Cupa na Cruinne 2026 a-nise a' sìor theannadh dlùth. Ceistean sam bith agaibh? Tha teans gu bheil na freagairtean aig Alasdair an seo.
bbc.in/3RWevZr
Chaidh na Hearadh, an Taobh Siar agus an Rubha air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich agus tadhail gu leòr anns na geamaichean oidhche Luain.
bbc.in/4419kde
"Ann an dòigh, sin tè den fheadhainn a b' fheàrr a chòrd rium oir cha robh Alba ann."
Murchadh 'Mindy' MacLeòid a' coimhead air ais air Cupa na Cruinne ann an 1994.
bbc.in/4e76dFs
Air an Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill agus Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' bruidhinn mu sheusan na h-iomain thuige seo - is tha an dithis aca cuideachd air bhioran mu gheama mhòr an ath-sheachdain.
bbc.in/4e1Y9G5